Back to Search Start Over

Cailèideascop

Authors :
Daibhidh Eyre
Daibhidh Eyre
Publication Year :
2017

Abstract

Tha Angela NicilleDhuinn air seann leabhar a lorg – leabhar a bhuineadh do Dhaibhidh Brewster, an neach-saidheans Albannach a chruthaich an cailèideascop. Tha i air a chleachdadh gus ionnsramaid ùr nodha a chruthachadh, a tha a'dèanamh follaiseach na ceanglaichean brèagha eadar gach nì – agus gach duine – anns an t-saoghal. Ach, tha muinntir eile air tòir an fhiosrachaidh seo cuideachd, agus tha Angela a-nist ga faighinn fhèin ann an cunnart cho mòr gu bheil ceist oirre – am b'urrainn dhi fuireach ann an Alba? Dà cheud bliadhna às dèidh nan làithean nuair a bha Angela beò, tha eachdraiche òg air lorg fhaighinn air an sgeulachd aice. Agus le taic bho charaid àraid – a tha cracte air nobhailean mu dhèidhinn seann luchd- rannsachaidh prìobhaideach – tha i a'faighinn sealladh às ùr air ciamar a thàinig an cinne-daonna tro sgrios, cogadh, agus ùpraid, gu beatha shaor, bheairteach, far a bheil daoine a'dèanamh deiseil gus siubhal do na speuran. Tha Daibhidh Eyre air sgeulachd ghleusta is shiùbhlach a chruthachadh, a tha a'tòiseachadh am measg ath-bheothachadh na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, agus a'crìochnachadh anns na speuran. Turas thar-labhairt.

Subjects

Subjects :
Books--Fiction

Details

Language :
Gaelic
ISBNs :
9781912147120 and 9781912387052
Database :
eBook Index
Journal :
Cailèideascop
Publication Type :
eBook
Accession number :
1684811